Dè an Cruthaichear Eachdraidh a th’ annad?
Gabh pàirt san fharpais-cheist agus faigh a-mach dè an Cruthaichear Eachdraidh a th’ annad.
An fheàrr leat a bhith ag obair a-muigh no a-staigh?
A bheil thu airson a bhith a’ siubhal nad dhreuchd?
Am biodh do Dhidòmhnaich as fheàrr air a chur seachad an tac an teine no air a’ bhlàr a-muigh a’ gabhail tlachd às na seallaidhean?
Am b’ fheàrr leat tìde a chur seachad ag obrachadh a-mach thòimhseachain ann an dùbhlan Seòmar Teichidh no ann an clas crèadhadaireachd?
An fheàrr leat obrachadh air pròiseactan fad-amail no air gnìomhan geàrr-amail?
An toigh leat a bhith ag obair le sgioba bheag no le mòran diofar dhaoine?
Ciamar a tha thu a’ faireachdainn nuair a tha thu a’ labhairt ris a’ phoball?
A bheil innse sgeulachdan mun àm a dh’fhalbh a’ còrdadh riut?
A bheil thu buailteach a bhith mionaideach mu nithean?
An fheàrr leat a bhith ag obair le coimpiutairean no innealan?
Fhuair thu Ùr-ghnàthaichear Didseatach!
Bho sganadh leusaireach 3D air làraichean gu clò-bhualadh 3D air buill-ealain eachdraidheil, dh’fhaodadh dreuchd ann an Ùr-ghnàthachadh Didseatach a bhith foirfe dhut! Le cothroman air ceistean fhuasgladh agus eòlas làimhe fhaighinn air an teicneòlas as ùire, tha rudeigin ùr ri ionnsachadh an-còmhnaidh.
Fhuair thu Preantas Turasachd!
Bhiodh do mhiann air innse sgeulachdan agus eadar-obrachadh le mòran daoine gach latha gad dhèanamh fìor fhreagarrach airson nuadh-phreantasachd aig aon de ar làraichean luchd-tadhail! Dh’fhaodadh tu a bhith a’ caitheamh do làithean aig làrach eachdraidheil, a’ roinn sgeulachdan mun àm a dh’fhalbh le ginealaichean teachdail, agus a’ cumail ar n-eachdraidh beò.
Fhuair thu Clachair!
Le sùil air mionaideachd agus liut chruthachail, dh’fhaodadh gur e dreuchd ann an clachaireachd an dreuchd dhutsa! Bho thadhal air làraichean arc-eòlasach gu bhith a’ gabhail cùram do chòrr air 300 togalach de chudromachd nàiseanta, dh’fhaodadh tu a bhith nad phàirt den sgioba a’ cumail suas ar maoinean eachdraidheil.
Fhuair thu Gobha!
Tha altan ceàrdachd, tàthaidh, togail agus crìochnachaidh uile nan sgilean ris am faod thu do làmh a chur ann an dreuchd Goibhneachd. Chan e innealan traidiseanta a th’ ann air fad ge-tà, tha teicneòlas obair-mheatailt nua-aimsireil a’ ciallachadh gum biodh tu a’ measgachadh sean le ùr.